Runrig
Tìr an Airm
[Verse 1]
An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo ghràidh sìtheil sona
’S chì thu saighdearan a’ ruith
Am measg nan lusan brèagha sa mhonadh

[Chorus]
Hò rò, horainn ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Hò rò, horainn ò

[Verse 2]
A' coimhead a-mach air madainn chiùin
Air ball mòr cruinn os cionn na beinne
’S bhon os cionn nan tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara

[Chorus]
Hò rò, horainn ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Hò rò, horainn ò

[Verse 3]
'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran os ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig
[Chorus]
Hò rò, horainn ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Hò rò, horainn ò

[Verse 4]
Nis leugh d’ eachdraich, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an Airm
Stampadh air na croitean seagail
’S beathannan òg aig gillean Uibhist

[Chorus]
Hò rò, horainn ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Hò rò, horainn ò

[Verse 5]
’S cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mis’ an còrr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatainn fhoilleil
Cha seas mi ach son sìth nan eilean

[Chorus]
Hò rò, horainn ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Hò rò, horainn ò
Hò rò, horainn ò