Runrig
An Ubhal As Airde
[Verse 1]
Còmhla rium
A tha thu an-dràst’
Mo shùilean dùinte, mo chuimhne dàn
Nam sheasamh a’ coimhead
Gach cnoc is gach tràigh
’S an sìol a dh’fhàg thu ann a’ fàs

[Verse 2]
Tha an gàrradh làn
Le craobhan treun
Le meas a’ fàs dhuinn ann ri bhuain
Ùbhlan abaich
Milis geur
Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air

[Chorus]
Seididh gaoth is deàrrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan lìn gu lìn
Ach thig an latha is thig an t-àm
Son an ubhal as àird’
Air a’ chraobh a bhuain

[Verse 3]
Is cò nar measg
A mhaireas latha
Seachad air àm ’s air oidhche fhèin
A liuthad uair
A shreap mi suas
Son an ubhal as àirde chur gu beul
[Chorus]
Seididh gaoth is deàrrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan lìn gu lìn
Ach thig an latha is thig an t-àm
Son an ubhal as àird’
Air a’ chraobh a bhuain